Sgeama Maoineachadh Àiteachais airson Croitearachd

Tha an sgeama seo a’ toirt seachad maoineachadh do chroitearan airson an croitean a leasachadh agus airson an gnìomhachas a chumail seasmhach.

Faodaidh sibh am maoineachadh a chleachdadh airson:

  • pròiseactan calpa, mar eisimpleir airson togalaichean a thogail neo a leasachadh
  • Comataidhean Feurach Coitcheann a stèidheachadh, airson uallach a ghabhail airson feurach coitcheann a stiùireadh agus a ghlèidheadh, air an taghadh le na croitearan a tha ga chleachdadh

Faodaidh maoineachadh airson pròiseactan calpa a bhith airson pàirt sam bith den phròiseact, mar eisimpleir airson pàigheadh airson stuthan, cosgaisean luchd-cùmhnant neo airson ur saothair fhèin.

Taobh a-steach dà bhliadhna, faodaidh sibh cur a-steach airson an suim airgid a leanas de mhaoineachadh:

  • croitear fa leth: suas ri £25,000
  • buidheanndechroitearan: suasri £125,000

Stiùireadh slàn mun sgeama

Stiùireadh slàn

Tha an sgeama seo air a lìbhrigeadh tro:

The Scottish Rural Development Programme logo