Mun t-seirbheis seo

Tha Maoineachadh agus Seirbheisean Dùthchail air an lìbhrigeadh le Roinn Maoineachaidh agus Sgrùdadh Dùthchail (RPID) aig Riaghaltas na h-Alba, le com-pàirtichean lìbhrigidh.

Is sinn am buidheann-gnìomha barantaichte an Alba airson gach sgeama Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) bhon Choimisean Eòrpach, le mu 600 luchd-obrach ann an 17 sgìrean air feadh na h-Alba, a’ lìbhrigeadh iomadh seirbheis.

Is iad na priomh dhleastansan againn:

  • taic-airgid a phàigheadh tro sgeamaichean Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais. Tha sinn a’ riarachadh mu £650m gach bliadhna bhon Choimisean Eòrpach agus Riaghaltas na h-Alba
  • sgrùdadh air fearann agus sprèidh airson a bhith cinnteach gu bheilear a’ cumail ri riaghailtean a’ Choimisean Eòrpach

Chaidh Maoineachadh agus Seirbheisean Dùthchail a stèidheachadh ann an 2015 gus ar cuideachadh le conaltradh le RPID agus airson maoineachadh fhaighinn bhon CAP air-loidhne.

Gheibh sibh na buannachdan a leanas bho ar seirbheisean air-loidhne:

  • bidh e nas fhasa iarrtasan a chur thugainn airson taic-airgid
  • bidh an cothrom agaibh fiosrachadh agus mapaichean fhaicinn mu ur fearann
  • cumaidh sinn ur fiosrachadh agus conaltradh ann an aon àite, agus faodaidh sibh am faicinn agus atharrachadh aig àm sam bith

Ann an 2015, chaidh 13,627 Bileag Tagraidh Singilte a chur thugainn air-loidhne tro Mhaoineachadh agus Seirbheisean Dùthchail. Ma tha sibh airson iarrtasan a chur thugainn air-loidhne, ’s urrainn dhuinn ur cuideachadh.

  • tha coimpiutairean airson a’ phoball rim faighinn aig gach oifis sgìreil far am faigh sibh a-steach do siostam Maoineachadh agus Seirbheisean Dùthchail airson iarrtasan a lìonadh, fiosrachadh atharrachadh neo mapaichean fhaicinn. Chan eil feum agaibh clàradh ro-làimh, tha coimpiutairean ann airson an cleachdadh ma tha iad soar
  • faodaidh sibh coinneamh a chur air dòigh le cuideigin bhon sgioba againn. Faodaidh sibh ionnsachadh mu dheidhinn Pàighidhean agus Seirbheisean Dùthchail neo bruidhinn mu dheidhinn cuspair sam bith eile co-cheangailte ri ur gnìomhachas neo ur tagraidhean is iarrtasan

Tha còrr is 1200 neach air an t-seirbheis seo a chleachdadh ann an 2015 mu thràth – clàraibh an-dràsta.

Tha iomadh dòigh ann fios a chur thugainn.

Faodaidh sibh bruidhinn rinn aig ar n-oifisean sgìreil air fòn, post-d neo airson coinneamh a chur air dòigh (fiosrachadh gu h-àrd).

Airson a bhith cinnteach gum faic sibh na naidheachdan as ùire, clàraibh còmhla ri 15,000 neach eile airson ar cuairt-litir, Cùisean Dhùthchail a tha a’ tighinn a-mach gach mìos.

Cumaibh sùil air ar cunntasan againn air na meadhanan sòisealta cuideachd airson deagh dhòigh faighinn a-mach na tha tachairt agus airson ur naidheachdan fhèin a shealltainn dhuinn. Gheibh sibh sinn air Twitter agus Facebook, agus faodaidh sibh ar bhideothan agus dealbhan fhaicinn air ar sianal Youtube agus duilleag Flickr.

Rural Matters Facebook

@RuralMattersSG

YouTube

Flickr

Ma tha sinn air fios a chur thugaibh gu bheil sinn air ar maoineachadh a dhiùltadh, lùghdachadh neo fhaighinn air ais, neo gu bheil seo a’ dol a thachairt, agus nach eil sibh cinnteach carson a thàinig sinn chun a’ cho-dhùnadh seo, bu chòir dhuibh fios a chur don oifis sgìreil ionadail agaibh gun dàil airson tuilleadh fiosrachaidh. Às dèidh seo, mura bheil sibh riaraichte leis a’ cho-dhùnadh againn, faodaidh sibh iarraidh oirnn ath-sgrùdadh a dhèanamh air ar co-dhùnadh fo mhodh-obrach Ath-thagraidhean Pàighidhean Dùthchail an Aonadh Eòrpach.

Modh-obrach ath-thagraidhean

’S e gearan dòigh airson fios a chur thugainn nach eil sibh riaraichte le inbhe ar seirbheis, ar modhan-obrach neo ar pròiseasan a tha sibh a’ faireachdainn a dh’fheumas freagairt neo mìneachadh bhuainn. Faodaidh sibh neo ur riochdaire gearan a chur thugainn air am fòn, tro phost-d neo ann an litir.

Làimhsichidh sinn gach gearan ann an dòigh cothromach agus gheibh sibh freagairt slàn.

Modh-obrach ghearanan

Gheibhear na duilleagan a leanas air an làrach-lìn seo ann an Gaidhlig: